Smuain na Maidne - Diluain

Anemone fo bhlàth, an Dùbhlachd 2025.

O chionn ghoirid, leugh mi leabhar mu Ambroise Paré, lannsair ainmeil Frangach a bha beò anns an t-siathamh linn deug.

Sgrìobh e facail a ghlèidh mi nam chuimhne, ‘Cheangail mi suas na lotan, ach ’s e Dia a shlànaich iad.’

Anns an leabhar, bha Paré ag innse mu na lotan a chunnaic e air blàran na Roinn Eòrpa, lotan-claidheimh agus lotan-gunna a fhuair na saighdearan anns a’ chòmhstri. Bha e den bheachd gur e mìorbhail Dhè a bha ann an slànachadh lotan.  

Rinn Paré obair-lannsa air na daoine leònte nuair a bha feum. Ach anns an t-siathamh linn deug cha robh mòran a bharrachd aige, a thaobh ghoireasan, na bha aig an t-Samaritanach Mhath anns a’ chosamhlachd a thug Ìosa dhuinn.

Chaidh an Samaritanach a thoirt cobhair dhan duine a bha na laighe, leònte, air an rathad gu Iericho. Ghlan e a lotan le fìon – tha ceimigean ann am fìon, ‘phenols’, a tha marbhtach do bhacteria – agus dhòirt e ola annta – ’s e ‘emollient’ a tha ann an ola a chuireas stad air gintinn agus fàs bacteria. An uair sin cheangail e suas lotan an duine, thug e gu taigh-òsta e agus ghabh e cùram dheth.

Cobhair. Cùram. Glanadh agus ceangal nan lotan. Tàmh agus biadh. Rudan a bha cudromach ann an linn Ambroise Pharé – agus tha iad cudromach fhathast.

Ach a thuilleadh air na nithean deatamach seo, tha rudeigin fhathast a dhìth. Bhiodh na ciad deisciobail aig Ìosa ag ùrnaigh airson leigheas – bha iad mothachail gur e tiodhlac Dhè a bha ann. Sgrìobh an t-Abstol Seumas, ‘A bheil neach sam bith tinn nur measg? ... Slànachaidh ùrnaigh an t-euslan agus togaidh an Tighearna suas e.’

 

Tha mi fada an comain Mairead NicÌomhair airson a comhairle.

Previous
Previous

Thought for the Day Healing - One

Next
Next

Smuain na Maidne - Dihaoine