Smuain na Maidne - Dihaoine
An ròs ‘Golden Showers’ fo bhlàth
An t-seachdain seo, tha mi air a bhith a’ meòrachadh air a’ chuspair, teagamh.
Bhiodh cuid a’ mìneachadh ‘teagamh’ mar ‘chreideamh eadar dà bheachd’ no ‘creideamh ri strì’.
Diluain, bha mi a’ cuimhneachadh gun do dh’fhiosraich Ìosa teagamh anns na deisciobail aige, gu sònraichte ann an Tòmas an t-Abstol.
’S dòcha gun robh teagamhan aig Tòmas bho thoiseach a’ ghnothaich, ach anns na làithean a lean air an Aiseirigh, thàinig na teagamhan aige gu bàrr.
Chan eil fhios againn carson nach robh Tòmas còmhla ris na deisciobail eile anns an t-seòmar ann an Ierusalem nuair a thadhal Ìosa orra airson a’ chiad uair an dèidh na h-Aiseirigh. Ach nuair a thill Tòmas, cha do chreid e a charaidean nuair a dh’innis iad dha gun robh iad air Ìosa fhaicinn. Cha do dh’fhalbh am mì-chreideamh aige gus an do nochd Ìosa ’son an dàrna uair agus gus am faca Tòmas e le a shùilean fhèin. Thachair rudeigin cudromach do Thòmas an latha a chunnaic e Ìosa.
An treas uair, bha e còmhla ri Peadar, ag iasgach air Muir Thiberiuis nuair a nochd Ìosa air a’ chladach. Bha e ann an Ierusalem ann an cuideachd nan deisciobal a’ feitheamh airson teachd an Spioraid Naoimh an dèidh Dol-suas Ìosa. A rèir traidisean, chaidh e do na h-Innseachan leis an t-Soisgeul, shuidhich e eaglaisean, fhuair e bàs mar mhartair.
An t-seachdain seo, tha mi air sùil a thoirt air teagamh mar adhbhar airson dàil, mì-chofhurtachd agus mì-chinnt, agus mar bhrosnachadh dhuinn a bhith a’ sireadh na fìrinn, ge bith dè cho duilich ’s a dh’fhaodadh e a bhith. Nach e a bhiodh math nam biomaid air ar treòrachadh, mar a bha Tòmas, agus gum biodh ar sùilean air am fosgladh a chum creidimh.
Tha mi fada an comain Mairead NicÌomhair airson a comhairle.