Pòg Iudais

Earrannan à ‘Brathadh Chrìosda’ le Albrecht Dürer, mu 1509, agus à ‘Glacadh Chrìosda’ le Caravaggio, mu 1603.

Tha an dòigh anns a bheil na Soisgeulan ag innse dhuinn mu bhrathadh Ìosa ann an Gàrradh Ghetsemane a’ fàgail cothrom dhuinn a bhith a’ cruthachadh dealbh nar mac-meanma den dearbh mhòmaid ud anns an do phòg Iudas Ìosa.

Cha robh càil às an àbhaist ann a bhith a’ cur fàilte air caraid le pòg: mhol an Naomh Pòl am fasan seo còrr is uair anns na litrichean aige. B’ fhada on a chaidh aithneachadh, ged-thà, gum faodadh pòg a bhith a’ tighinn air thoiseach air brathadh: ann an Leabhar nan Gnàth-fhacal tha e sgrìobhte ‘is cealgach pògan eascaraid’.

Tha Pòg Iudais aig teis-meadhan an dealbh-ola ‘Glacadh Chrìosda’ leis an neach-ealain Eadailteach Caravaggio. Mu 1603, choimiseanaich agus cheannaich Ciriaco Mattei, am bràthair a bu shine dhan Chàirdineal Girolamo Mattei, an dealbh-ola seo. A rèir na leugh mi, bha an dealbh na chrochadh ann am Palazzo Mattei anns an Ròimh airson dà cheud bliadhna mus ‘deach e às an t-sealladh, am falach ann an co-chruinneachadh prìobhaideach ann an Alba’. B’ ann leis na Athraichean Ìosaid Èireannach a bha an dealbh nuair a nochd e a-rithist anns na 1990an – chaidh a thoirt air iasad do Ghailearaidh Nàiseanta na h-Èireann.

Dh’fhaodadh e a bhith gun robh Caravaggio fo bhuaidh na gràbhalachd-fiodha a rinn Albrecht Dürer ceud bliadhna ro-làimh: anns an dà dhealbh, tha Iudas a’ gabhail grèim borb air Ìosa, an saighdear air a bheil armachd a’ feuchainn ri amhach Ìosa a ghlacadh. Ach nach iongantach mar a rinn Caravaggio leasachadh air an gnùisean? Tha am fiamh air aodann Ìosa a’ taisbeanadh dhuinn gu bheil e a’ gabhail ris a’ phòig, ris a’ bhrathadh, le bròn; tha an dà chuid brùidealachd agus mì-chinnt rim faicinn air drèin Iudais. Tha math agus olc a’ coinneachadh an seo, neoichiontachd agus coirbteachd.

An robh ro-fhios aig Caravaggio air beachdan an latha an-diugh gu bheil a’ mhor-chuid de chonaltradh daonna a’ tachairt gun fhacal a ràdh?

B’ e gnìomh oillteil a bha ann, ged a leugh mi beachd eile air a’ ghnothach o chionn ghoirid nach robh buileach cho dòrainneach – anns an leabhar The Faces of Jesus leis a’ mhinistear Chlèireach agus ùghdar Ameireaganach Frederick Buechner (1926-2022). Ann am mòmaid na pòige chunnaic Frederick Buechner, ann an sùil inntinn, gàirdean deas Ìosa air a thogail an-àird ann am beannachadh. Bha e a’ toirt mathadh do dh’Iudas airson na bha e a’ dèanamh agus, cuideachd, dhan a h-uile duine sìos tro na linntean a ghabh aithreachas le cogais chiùrrte nuair a thàinig e a-steach orra gun robh iad, ann an dòigh air choreigin, ann an smaoin, ann am facal no ann an gnìomh, air Mac Dhè a bhrathadh.

Previous
Previous

The Judas Kiss

Next
Next

Thought for the Day Healing - Five