Aran - Diluain

O chionn còrr is deich bliadhna fichead, thòisich mi air aran fhuine aig an taigh – aran-cruithneachd, ‘wheaten bread’. Bha ar dithis nighean òga gu math àilgheasach mu bhiadh agus bha mise an dòchas gum biodh aran, blàth às an àmhainn, a’ tighinn ri an càil.

Chleachd mi na h-aon stuthan a bhathar a’ cleachdadh fad mhìltean de bhliadhnaichean gus aran a dhèanamh – min-chruithneachd, beirm no taois ghoirt, salann, uisge, agus beagan saill no ola. Ach bha mòran agam ri ionnsachadh air ciamar a chleachdainn iad.

Cha robh aran-cruithneachd na bhiadh traidiseanta ann an taobh tuath na h-Alba anns na linntean a dh’fhalbh – chan eil a’ chruithneachd a’ fàs gu math an seo. Thathar a’ smaoineachadh gun tàinig a’ chruithneachd bho ghleann uachdarach Uisge Nìle o thùs, o chionn fhada an t-saoghail. Agus tha fios againn gun robh aran mar bhiadh làitheil do mhuinntir Phalestin nuair a bha leabhraichean a’ Bhìobaill gan sgrìobhadh.

Tha am facal ‘aran’ a’ nochdadh còrr is trì cheud gu leth uair anns a’ Bhìoball, àireamh nas àirde na biadh sam bith eile. Anns an t-Seann Tiomnadh is tric a tha am facal air a chleachdadh mar shamhla air a’ chàirdeas a bha ann eadar an Tighearna agus a shluagh: ’s e Dia a bha a’ solarachadh dhaibh aran a chumadh beò iad. Agus nuair a thuirt Ìosa gur esan ‘aran na beatha’, thug e dhan aran an t-urram a b’ àirde.

Ach chan ann le aran a-mhàin a bheathaichear duine. Ge bith dè an seòrsa acrais a tha oirnn, tha doimhneachd mhòr anns an iarrtas, ‘Tabhair dhuinn an-diugh ar n-aran làitheil.’  

Tha mi fada an comain Mairead NicÌomhair airson a comhairle.

Previous
Previous

Bread - Monday

Next
Next

The Judas Kiss