Aran - Diciadain
An t-seachdain seo, tha mi a’ meòrachadh air cho cudromach ’s a tha aran dhuinn.
Anns an latha an-diugh, ’s i beirm a thèid a cleachdadh anns an taois airson toirt oirre èiridh, ged as fheàrr le cuid aran taois gheur, no ‘sourdough’. Ge bith dè a chleachdas sinn, chanainn-sa gur e cnag na cùise ann a bhith a’ cruthachadh lof aotrom fios a bhith againn cùin a ghluaiseas sinn air adhart bho èiridh na taoise chun an ath cheum, an dearbhachadh.
Fad linntean, cha robh luchd-fuine a’ tuigsinn èiridh na taoise. Ach, mu dheireadh an ochdamh linn deug, thòisich fuineadairean anns an Òlaind air lionn bho na taighean-grùide a chleachdadh anns an taois aca; beagan às dèidh sin nochd beirm thioram airson bèicearachd anns a’ Ghearmailt. Chaidh grunn bhliadhnaichean seachad mus do thaisbean Louis Pasteur dhuinn gun robh beirm a’ cnàmh a’ charbohaidreat anns a’ mhin-chruithneachd, a’ dèanamh uisge agus dà-ogsaid carboin dheth.
Is tric a leughas sinn anns an t-Seann Tiomnadh gun robh muinntir Israeil amharasach mu aran goirtichte. Tha e coltach gun do dh’ionnsaich iad mòran mu fhuine arain fhad ’s a bha iad fo bhruid anns an Eiphit. ’S dòcha gun robh blas na h-Eiphit air taois ghoirt, agus cha robh tìde aca airson obair shlaodach na taoise ghoirt fhad ’s a bha iad a’ teicheadh bho bhraighdeanas.
Ach tha rudeigin mìorbhaileach mu obair na beirm, ag atharrachadh cnap trom de thaois gu aran a tha aotrom, cùbhraidh. Rinn Ìosa coimeas eadar taois ghoirt agus Rìoghachd Nèimh – bhiodh pìos beag dhith ag obair gu falaichte, gun fhiosta, mean air mhean, airson math cridhe sluagh Dhè.
Tha mi fada an comain Mairead NicÌomhair airson a comhairle.