Aran - Diardaoin
Tha mi air a bhith a’ smaoineachadh air fuine arain san dachaigh agus na tha e a’ ciallachadh dhuinn.
Is tric a bhios beagan saill no ola air a chur ris an taois. ’S e ola chrann-ola a chleachdas mi fhìn. Bidh ola a’ cur bacadh, gu ìre, air obair na beirm le bhith a’ còmhdachadh nam mìrean-flùir, ach bidh an t-aran a’ cumail nas fheàrr, gun a bhith a’ dol tioram, cruaidh cho luath.
’S e staitistig uabhasach a tha ann, ach thathar a’ tomhas gum bi dà phuing a sia millean slis arain a’ dol a-steach do na bionaichean-sgudail a h-uile latha ann an Alba – a chionn ’s gun robh iad air a dhol tioram no seachad air a’ cheann-là air a’ phoca, an use by date.
’S e ana-caitheamh a tha seo, ach ’s dòcha nach eil aran, no biadh san fharsaingeachd, na phrìomhachas dhuinn anns an latha an-diugh, ged a tha fhathast ann an cuid de dhùtchannan. Ann am beanntan Nepal, mar eisimpleir, seach a bhith ag ràdh ‘Halò’ no ‘Latha math dhuibh’ ri daoine ris an coinnicheamaid air an t-slighe, bhiomaid a’ faighneachd ‘An do ghabh sibh rus an-diugh?’
Sheall Ìosa agus a dheisciobail spèis dhan a’ bhiadh nuair a thog iad a h-uile fuigheall bìdh an dèidh do dh’Ìosa còig mìle duine a bheathachadh. ’S dòcha gur e an dùbhlan a tha aig cuid againn an-diugh gu bheil sinn cho trang nar beatha làitheil. Ro thrang, ’s dòcha, airson a bhith a’ toirt an aire air a bheil e airidh dhan a’ bhiadh, an dà chuid biadh dhan a’ bhodhaig agus biadh dhan anam.
Tha mi fada an comain Mairead NicÌomhair airson a comhairle.