Smuain na Maidne - Dimàirt
Ceann a’ bhogha-froise
An-dè, bha mi a’ cuimhneachadh air Ambroise Paré, lannsair ainmeil a bha ag obair anns na blàran anns an t-siathamh linn deug.
A thaobh creidimh, b’ e Pròstanach a bha ann am Paré, ann an linn nuair a bha sin air leth cunnartach anns an Fhraing.
Ann an eachdraidh obair-lannsa, choisinn Paré dha fhèin an tiotal ‘Athair Obair-lannsa Nuadh’. Chuir e stad air cleachdadh a bha a’ dèanamh milleadh mòr air na leòntaich aig an àm – b’ e sin, glanadh an lotan-gunna le ola theth.
Dh’fhàs e gu bhith cho iomraiteach ’s gun deach iarraidh air frithealadh, mar lannsair, do na h-uaislean Frangach.
Ann an 1569, thug rìgh na Frainge àithne dha a dhol a fhrithealadh dhan Mharquis Auret. Bha am Marquis air a bhith tinn fad seachd mìosan às dèidh dha a bhith air a leòn na ghlùin le ball-musgaid. Nuair a thug Ambroise Paré sùil air an toiseach bha an duine uasal ann an droch staid, bha fiabhras àrd air, agus am bàs a’ tighinn dlùth dha.
Bha Paré trom-chridheach. Ach ’s e a’ chiad rud a rinn e, coiseachd ann an gàrradh a’ Mharquis agus ùrnaigh a dhèanamh dhan Tighearna gum beannaicheadh Esan a sgilean. Rinn Paré obair-lannsa air a’ Mharquis. Chuir e fìon-geur, ola nan ròsan, agus buidheagan uighe air a lotan. Thug e air an euslainteach biadh math a ghabhail, agus tàmh a ghabhail ann an leabaidh ghlan.
Ùrnaigh. Làmhan sgileil. Cungaidhean-leighis nàdarrach às an talamh. Biadh. Tàmh.
An ceann sia seachdainean, bha am Marquis a’ coiseachd anns a’ ghàrradh le cruidseachan.
Anns na notaichean aige, sgrìobh Paré, ‘Cheangail mi suas na lotan, ach ’s e Dia a shlànaich iad.’
Tha mi fada an comain Mairead NicÌomhair airson a comhairle.