Smuain na Maidne - Dimàirt

Pàirc Haughton, am Foghar 2025

Bha mi a’ smaoineachadh an-dè air a’ chuspair, teagamh, an dà chuid nar beatha phearsanta agus ann an saidheans meidigeach.

Aig àm a’ Chogaidh Mhòir, chunnaic Alexander Fleming an t-uabhas de shaighdearan leònte a’ faighinn bàs le lotan breun. Dh’fhàg seo làrach mhòr air. An dèidh a’ chogaidh chuir e roimhe rannsachadh a dhèanamh ann an meanbh-bhith-eòlas no microbiology – lorg e penicillin, cungaidh-leighis air leth cudromach.

Bha Fleming air a bhith air làithean-saora. Nuair a thill e dhan lab aige, thug e an aire gun robh clòimh-liath no mould air fàs air soitheach far an robh e air bacteria Staphylococcus Aureus a chur. Bha iongnadh air nuair a chunnaic e gun robh a’ chlòimh-liath air stuth a sgaoileadh a-mach a mharbh am bacteria.

Bha e aithnichte aig an àm gum b’ urrainn dhan chlòimh-liath ceimigean a dhèanamh a chuireadh bacadh air bacteria – ach gun a bhith gam marbhadh. Sgrìobh Fleming air na lorg e ann an iris shaidheans ann an 1929, ach cha robh mòran ùidh aig an luchd-saidheans anns an aithris aige – bha iad teagmhach gum b’ fhiach e penicillin a leasachadh mar leigheas.

Chuir dithis lighichean ann an Sheffield penicillin gu feum air euslaintich air an robh galaran-sùla. Shoirbhich leotha ach cha do sgrìobh iad aithris air an obair aig an àm agus cha do chùm iad orra leatha. Chuir iad penicillin an dara taobh. Bha iad teagmhach às. Chaidh deich bliadhna seachad mus robh guth air penicillin a-rithist.

’S dòcha nar beatha phearsanta, gum faodamaid a bhith a’ dèanamh an nì cheudna – a’ cur ar teagamhan an dara taobh nuair a bhiodh e na b’ fheàrr dhuinn an cur fo dheuchainn.

 

Tha mi fada an comain Mairead NicÌomhair airson a comhairle.

Previous
Previous

Thought for the Day Doubt - Three

Next
Next

Thought for the Day Doubt - Two