Smuain na Maidne - Diluain
Tap O Noth, Srath Bhalgaidh
Ann an 1769, dh’fhoillsich an Dr Uilleam Buchan an leabhar Domestic Medicine, leabhar anns an robh e a’ moladh chungaidhean-leigheis dhaibhsan aig nach robh comhairle an lighiche. Shoirbhich leis an leabhar – chaidh ceithir fichead mìle lethbhreac a chur an clò anns a’ Bheurla. Nochd e ann an cànanan na Roinn Eòrpa. Chòrd e ri Ban-ìmpire na Ruis gu ìre cho mòr ’s gun do chuir i bonn òir gu Buchan – cliù mòr dhan Albannach.
B’ e duine onarach a bha ann am Buchan agus thug e seachad comhairle mhath a thaobh diathad agus eacarsaich. Ach ’s e glè bheag a chluinneadh sibh an-diugh mu na cungaidhean-leighis a mhol e. Cha robh teagamh aige annta ach, a dh’innse na fìrinn, chan eil dearbhadh ann gun dèanadh a’ mhòr-chuid dhiubh feum sam bith dhuinne an-diugh.
Ann an linn Bhuchan, an ochdamh linn deug, bha latha ùr a’ briseadh ann an obair-leighis agus saidheans meidigeach mar thoradh air rudeigin a bha air a bhith riamh na phàirt de nàdar mac an duine – ’s e sin teagamh.
Anns an Tiomnadh Nuadh, is tric a bhios sinn a’ leughadh mu dheisciobail Ìosa agus iad teagmhach. Agus ma bha aon dhiubh air leth teagmhach, b’ e sin Tòmas an t-Abstol.
Chan eil e furasta dhuinn a bhith beò le teagamhan nar n-inntinn, gu h-àraid ma tha sinn teagmhach à rudeigin a tha cudromach dhuinn, agus sinn a’ feitheamh air fuasgladh. Ach mar a tha e ann an saoghal saidheans, ’s ann a tha e nar beatha phearsanta – faodaidh teagamh a bhith an dara cuid na chnap-starra no na chuideachadh dhuinn a-rèir mar a dhèiligeas sinn ris.
Tha mi fada an comain Mairead NicÌomhair airson a comhairle.