Smuain na Maidne - Dihaoine

Meacan-dubh Ruiseach, lus nan cnàmh briste 2023

An t-seachdain seo, tha mi air a bhith a’ smaoineachadh air facail a sgrìobh an lannsair Frangach Ambroise Paré anns an t-siathamh linn deug, ‘Cheangail mi suas na lotan, ach ’s e Dia a shlànaich iad’. Thar nan linntean, tha cuid de lannsairean den aon inntinn air a bhith dùrachdach ann an ùrnaigh.

An-diugh, tha sinn gu math eòlach air an t-saidheans a tha air cùlaibh slànachadh lotan. Tha fios againn gu bheil am pròiseas a’ tòiseachadh ann am priobadh na sùla an dèidh leòn sam bith, fada mus bi cothrom againn cùram a ghabhail den euslainteach.

Thathar a’ smaoineachadh gur iad na ‘platelets’ a tha a’ tòiseachadh a’ phròiseis-slànachaidh. Tha mìltean de na ‘platelets’ seo, mìrean beaga bìodach, anns gach boinne fala – tha iad cudromach ann an ‘clotting’ na fala. Nuair a bhios iad a’ beantainn ris an stuth-bodhaig taobh a-muigh nan cùislean, bidh iad a’ leigeil às cheimigean – ‘cytokines’ – a dh’obraicheas mar shradag, a’ tòiseachadh pròiseas anns a bheil ceudan de cheimigean eile an sàs.

Diluain, bha mi a’ cuimhneachadh air mar a chleachd an Samaritanach Math glanadh, bannan, biadh agus tàmh gus cobhair a thoirt dhan duine leònte. Anns an latha an-diugh, bidh na lighichean agus na banaltraman a’ cleachdadh nan dearbh rudan seo ged a tha cungaidhean-leighis agus bannan lota nas fheàrr againn a-nis.

Bhiodh na goireasan a tha againn a’ cur iongnadh air Ambroise Paré. Ach an dèidh dhuinn na bannan fhuasgladh, agus mìorbhail an lota shlàin a leigeil ris, chanainn-sa gum biodh Paré a’ cumail ris a’ bheachd a bha aige o thùs, gur ann on Tighearna a thig slànachadh. Agus bhiodh e fhathast a’ toirt moladh do Dhia.

Tha mi fada an comain Mairead NicÌomhair airson a comhairle.

Previous
Previous

Thought for the Day Healing - Five

Next
Next

Thought for the Day Healing - Four