Smuain na Maidne - Diciadain
An roid (Myrtica gale) anns an Dùbhlachd
An t-seachdain seo, tha mi a’ cuimhneachadh air facail an lannsair Fhrangaich, Ambroise Paré, ‘Cheangail mi suas na lotan, ach ’s e Dia a shlànaich iad.’
Ann am meadhan na naoidheamh linn deug, trì cheud bliadhna an dèidh latha Paré, bha lannsair ann an Obar Dheathain a bha ga fhaicinn fhèin mar sheirbhiseach ann an obair slànachadh Dhè – Uilleam Keith.
Bhiodh Keith a’ dèiligeadh ri leòntan den a h-uile seòrsa – losgaidhean, cnàmhan briste, agus mar sin air adhart. Ach rinn e sreath de dh’opairèiseanan mòra cuideachd agus chlàir e gu mionaideach iad anns na notaichean aige.
Bha Uilleam Keith mothachail air na dùbhlain a bha ann an slànachadh nan lotan-lannsaireachd a dhèanadh e air na h-euslaintich thruagh’ seo. Bu tric a bhiodh iad a’ cur seachad leth-cheud latha uile gu lèir anns an ospadal: còig latha air fhichead ron opairèisean, a’ gabhail biadh math agus tàmh, agus còig latha air fhichead às a dhèidh.
Nuair a thòisich Keith air a dhreuchd, cha robh anaesthesia le ether no chloroform ri fhaighinn, ged a bha e air fàire. Dh’fheumadh na h-euslaintich a bhith ann an èiginn mus iarradh iad obair-lannsa, agus bhiodh feum aig an lannsair air làmhan luatha, sgileil, agus air ciùineas na spiorad. Dùbhlan mòr an dà chuid dhan euslainteach agus dhan lannsair.
Ach bha Uilleam Keith daingeann na chreideamh.
Ann an aithris a nochd anns an ‘Edinburgh Medical Journal’, sgrìobh e:
‘On a tha mi a’ creidsinn gur ann leis an Tighearna sinn ann an anam agus ann an corp, tha mi ag iarraidh a chobhair le bhith ag ùrnaigh ron a h-uile opairèisean. An dèidh dhomh èirigh bho mo ghlùinean, coisichidh mi gu bòrd nan opairèisean.’
Deagh thòiseachadh air obair chudromach sam bith.
Tha mi fada an comain Mairead NicÌomhair airson a comhairle.