Smuain na Maidne - Diciadain
Duirceanan
Tha mi air a bhith a’ smaoineachadh air an dòigh anns a bheil teagamh a’ toirt buaidh oirnn. Chanadh cuid gur e bun-stèidh saidheans mheidigich a tha ann an teagamh. Ach tha e coltach gun do chuir teagamh dàil fad deich bliadhna air leasachadh penicillin nuair a bha feum aig mòran euslainteach air.
O thoiseach a’ ghnothaich, bha Fleming den bheachd gun robh luach ann am penicillin. Ach bha e air ceimigean eile a lorg roimhe sin nach robh gu mòran feum ann an obair-leighis. Bha na co-obraichean aige agus na companaidhean chungaidhean-leighis teagmhach às.
Bha teagamhan aig Fleming fhèin a thaobh cungaidh-leighis a chur a-steach le snàthad gus an rachadh i air feadh na bodhaig – ’s e sin, systemic therapy. Gu ruige seo, bha na ceimigean a mharbh am bacteria air a bhith gu math puinnseanta do na h-euslaintich cuideachd.
Ach nuair a thàinig cogadh air fàire a-rithist anns an Roinn Eòrpa, thòisich triùir luchd-saidheans ann an Oxford, an t-Oll Howard Florey, Ernst Chain agus Norman Heatley ag obair air penicillin – air ciamar a dhèanadh iad penicillin gu leòr gus na mìltean a leigheas, agus ciamar a dhearbhadh iad nach robh e ro phuinnseanta dhan bhodhaig – nithean nach b’ urrainn do Fhleming a dhèanamh.
Sgrìobh Florey agus a sgioba aithris air an obair a nochd anns an Lancet ann an 1940. An ath-bhliadhna, sgrìobh iad a-rithist air mar a bha penicillin air sreath de dh’euslaintich a leigheas. Cha b’ fhada gus an robh penicillin ga chleachdadh air saighdearan leònte.
Uaireannan, nar beatha phearsanta, is iad amannan doirbh dùbhlanach a bheir oirnn na teagamhan againn a chur fon a’ phrosbaig.
Tha mi fada an comain Mairead NicÌomhair airson a comhairle.