Smuain na Maidne - Diardaoin

Tansen, 1976

Anns na smuaintean agam, tha mi air a bhith a’ cuimhneachadh air facail an lannsair Fhrangaich, Ambroise Paré, ‘Cheangail mi suas na lotan, ach ’s e Dia a shlànaich iad.’

Nuair a bha mi nam oileaneach meidigeach ann an Nepal, o chionn leth-cheud bliadhna, bha mi nam phreantas dhan Dr Jonathan Yoder, lannsair Ameireaganach. Bha e air a’ mhòr-chuid de a bheatha a chur seachad na mhisionaraidh anns na h-Innseachan.

Thar nam bliadhnachan, bha an Dr Yoder air adhartas mòr fhaicinn ann an leigheas – cungaidh-leighis airson na caitheimh, mar eisimpleir, a’ bhanachdach an aghaidh polio agus diphtheria, agus na h-antibiotics a bha cho feumail ann an obair-lannsa. Bha cuimhne aige air euslainteach bho bhliadhnaichean tràth’ a dhreuchd anns na Stàitean Aonaichte. Chaochail an duine le lot beag a fhuair e fhad ’s a bha e a’ clìoradh an t-sneachda. Bhiodh na h-antibioticsair an duine a shàbhaladh.

Anns an ospadal ann an Nepal, bha a h-uile goireas againn, ach bha tinneas, bochdainn agus cion a’ bhìdhe a’ toirt buaidh mhòr air na h-euslaintich.

B’ e Jonathan Yoder a’ chiad lannsair a chunnaic mi a-riamh a’ dèanamh ùrnaigh gu fosgailte ann an seòmar nan opairèisean ro obair-lannsa. Bhiodh e ag iarraidh beannachd Dhè air obair, agus a’ toirt taing dhan Chruithear airson nan cungaidhean-leighis a bha againn ri chur gu feum.

Ach bha an Dr Yoder air ionnsachadh, mar a dh’ionnsaicheas a h-uile lannsair, gun robh lotan ann nach gabhadh leigheas.

Sgrìobh e, ‘Thar nam bliadhnaichean, is iomadach uair a bha mo chridhe briste, fiù ’s ged a b’ urrainn dhomh làmhan Dhè fhaicinn anns gach nì a thigeadh nam rathad. Is mise a tha taingeil Dha.’

Tha mi fada an comain Mairead NicÌomhair airson a comhairle.

Previous
Previous

Thought for the Day Healing - Four

Next
Next

Thought for the Day Healing - Three