Smuain na Maidne - Diardaoin
Dol fodha na grèine
An-dè, bha mi a’ meòrachadh air ciamar a fhuair lighichean seachad air an teagamh mu phenicillin.
San latha an-diugh, bidh cungaidhean-leighis ùra air a chur fo dheuchainn ann am pròiseas foirmeil a mhaireas, ’s dòcha, deich bliadhna agus a chosgas còrr is millean not.
Ach ’s e dòigh ùr a tha seo. Chanadh cuid gun do thòisich na Randomised Controlled Trials, mar a chanas iad riutha, ann an 1947. Sin nuair a rinn an MRC, Medical Research Council Bhreatainn, sgrùdadh airstreptomycin mar leigheas dhan a’ chaitheamh.
Aig toiseach an fhicheadamh linn, bha a’ chaitheamh a’ marbhadh mu fhichead às a’ cheud de mhòr-shluagh na Roinn Eòrpa. Bha feum air cungaidh-leigheis a chuireadh às dhan bhacterium a bha ri choireachadh – Mycobacterium tuberculosis.
B’ e Selman Waksman agus a cho-obraiche Albert Schatz, ag obair anns na Stàitean Aonaichte, a fhuair lorg air an antibiotic ‘streptomycin’, ceimig a bha marbhtach do Mycobacterium tuberculosis, ann an 1942. B’ e Waksman a’ chiad neach-saidheans a chleachd am facal ‘antibiotic’.
Gun dàil, chuir an MRC deuchainn air dòigh a dhèanadh coimeas eadar streptomycin agus cùram traidiseanta ann an sanatorium mar leigheas do dh’inbhich òga air an robh a’ chaitheamh. Cha d’ fhuair ach an dàrna leth de na h-euslaintich, leth-cheud ’s a còig dhiubh, streptomycin, air an taghadh air thuairmse. Tha mi an dùil gun robh an-fhois agus connspaid ann a thaobh seo, ach ghabh an MRC ris air sàilleibh gainnead streptomycin aig an àm.
Aig deireadh a’ ghnothaich, cha robh teagamh ann tuilleadh mu luach streptomycin.
Uaireannan, bidh e cosgail dhuinn a bhith a’ faighinn làmh-an-uachdar air ar teagamhan.
Tha mi fada an comain Mairead NicÌomhair airson a comhairle.