Aran - Dimàirt
An t-seachdain seo, tha mi a’ meòrachadh air fuine arain agus cho cudromach ’s a tha e dhuinn.
Mar as àbhaist do dhaoine a tha a’ dèanamh aran aig an taigh, thug e ùine mus do dh’ionnsaich mi ciamar a dhèanainn lof aotrom le flùr slàn-mhine – tha wholemeal nas fheàrr mar bhiadh na flùr geal ach nas dùbhlanaiche toirt air an taois èirigh.
Tha biadh math ann am flùr slàn-mhine ged a tha beothamain A, B12, C agus D a dhìth air. Tha e furasta gu leòr dhuinn na beothamain seo fhaighinn bho na biadhan eadar-dhealaichte a tha nàdarrach dhuinn – tha ar fiaclan agus na h-enzymes anns an stamag againn a’ sealltainn dhuinn gur e omnivores a tha annainn.
Tha saidheans beathachadh mac an duine fhathast òg – dh’ionnsaich sinn mu phròtain, saill agus carbohaidreat anns an naoidheamh linn deug; mu na beothamain tràth anns an fhicheadamh linn; agus mu na mion-eileamaidean – selenium, manganese agus msaa – anns na seasgadan nuair a bha luchd-saidheans a’ leasachadh biadh intravenous do na h-euslaintich aig nach robh comasan biadh idir a chnàmh. Rinn fear den luchd-saidheans seo iomradh air an dùbhlan mhòr mhòr a bha romhpa – ‘monumental challenge’ mar a bh’ aige air – ann a bhith a’ cur a h-uile rud air a bheil feum aig a’ bhodhaig mar lionn ann am poca plastaig. Nach iongantach cho furasta ’s a tha e dhuinne a h-uile rud fhaighinn bho ar biadh làitheil, àbhaisteach.
Tha an aon Dia a thug dhuinn biadh dhan bhodhaig air biadh cuideachd a thoirt dar n-anam. Thuirt Ìosa ri Moire, piuthar do Mharta agus Lazarus, gum faigheadh i gach nì a bha feumail dhi dìreach le bhith na suidhe aig a chasan agus ag èisteachd ris.
Tha mi fada an comain Mairead NicÌomhair airson a comhairle.