Aran - Dihaoine

An t-seachdain seo, tha mi air a bhith a’ smaoineachadh air ar n-aran làitheil.

Anns an latha an-diugh, tha iomadach seòrsa de dh’aran gam fuine ann an culturan eadar-dhealaichte an t-saoghail, cuid dhiubh sònraichte air sàillibh nan stuthan a bharrachd a bhithear a’ cur ris an taois – ìm, uighean, bainne agus luibhean, mar eisimpleir.

An-uiridh, bha bhòt ann, air loidhne, air an aran a b’ fheàrr air an t-saoghal. ’S e aran-nàn le ìm agus creamh a choisinn bàrr-urram. Bhiodh na h-oghaichean agamsa den bheachd gur e an t-aran a nì mise dhaibh gach seachdain an t-aran as fheàrr. Bidh a bharail fhèin aig gach neach.

Ach ’s e biadh fìor mhath a th’ ann an aran sìmplidh.

Chan eil e na iongnadh gu bheil aran a’ nochdadh anns na cunntasan air Ìosa an dèidh Aiseirigh o na mairbh. Nuair a bha Ìosa air cladach Muir Thiberiuis, bha aran agus iasg air an teine aige do na deisciobail a bha ag iasgach. An dèidh dha coiseachd còmhla ri dithis dhiubh air an rathad gu Emmaus, bhris Ìosa aran – ’s ann anns an dearbh mhòmaid ud a dh’aithnich iad e.

An-ath-uair a chì sinn aran far comhair air a’ bhòrd, nach smaoinich sinn air cho cudromach ’s a tha e air a bhith mar shamhla thar nan linntean? Nach toir sinn an spèis dha air a bheil e airidh? Agus nach bi sinn an dòchas gum faigh sinne an aon bheannachd ’s a fhuair na deisciobail ann an Emmaus – a bhith ag aithneachadh Ìosa ann am briseadh an arain agus ag iarraidh airsan an t-acras mòr againn a shàsachadh.

Tha mi fada an comain Mairead NicÌomhair airson a comhairle.

Previous
Previous

Bread - Friday

Next
Next

Bread - Thursday